Fiction Books:

Gealach an Fhais

Sorry, this product is not currently available to order

Here are some other products you might consider...

Gealach an Fhais

Ur Bheothachadh Na Gaidhlig

Format

Hardback

Customer rating

Click to share your rating 0 ratings (0.0/5.0 average) Thanks for your vote!

Share this product

Gealach an Fhais: Ur Bheothachadh Na Gaidhlig by Roger Hutchinson
Unavailable
Sorry, this product is not currently available to order

Description

Bho chionn deich bliadhna fichead, bha canan agus cultar na Gaidhlig, a bha air a bhith iomraiteach ann an Alba airson 1,300 bliadhna, a reir coltais ann an ceumannan deireannach crionadh basmhor a mhair 200 bliadhna. Bha an aireamh de dhaoine a bhruidhinneadh Gaidhlig ann an Alba air tuiteam deich uiread thairis air an linn a chaidh roimhe. Cha robh an canan fhein cumanta ach amhain ann an coimhearsnachdan sgapte ceann an iar-thuath na Gaidhealtachd agus Innse Gall. Ro bhliadhnaichean tratha na ciad linne thar fhichead, ge-ta, bha atharrachadh mara air tighinn. Theireadh cuid gun robh a' Ghaidhlig - a bha na cuspair magaidh is naimhdeis airson uineachan - a-nise 'fasanta'. Bha obraichean Gaidhlig rim faotainn; chaidh foghlam tro mheadhan na Gaidhlig a steidheachadh ann an iomadh aite; agus chunnaic luchd-poileataigs agus luchd-gniomhachais gun robh buannachdan an luib a bhith cairdeil ris a' chultar. Ged a bha aireamh luchd-labhairt na Gaidhlig a' sior thuiteam agus seann daoine a' caochladh, dh'fhas an crionadh na bu mhaille, agus airson a' chiad uair ann an 100 bliadhna, thoisich ardachadh co-roinneil a' tighinn air an aireamh de dhaoine oga as a' cheud a bha a' cleachdadh a' chanain. B' e seorsa de dh'ath-bheothachadh a bha anns na thachair: ath-bheothachadh Gaidhlig a dh'fhoillsich e fhein ann an ceol pop, litreachas, ealain, bardachd, foillseachadh, drama, reidio agus telebhisean. B' e miorbhail annasach a bh' ann ris nach robh duil. Agus aig cridhe a' ghluasaid sin, bha foghlam. Gealach an Fhais ag innse sgeulachd aon ionaid, Sabhal Mor Ostaig, a' cholaiste Ghaidhlig san Eilean Sgitheanach a tha air a bhith aig teis-meadhain an dusgaidh seo. Ach, thar gach rud, tha an leabhar a' mion-sgrudadh mar a thugadh dochas airson an ama ri teachd do chultar urramach aig am nuair a shaoilear gun robh gach ni caillte. Tha e ag innse mu na ficheadan de phearsaichean, bho Shomhairle MacGill-Eain agus Runrig gu Micheal Forsyth agus Gordan MacGilleDhuinn, a tha air compairt a ghabhail san iomairt seo. Sgrudail, naidheachdail agus le cuideam air caractaran, 's e seanchas de dhualchas air a shabhaladh bho neo-aire agus eu-dochas a tha ann an Gealach an Fhais. Tha cunntasan ann mu charactaran a bharrachd air ionadan, agus tha e ag innse sgeulachd a tha a' buntainn ri Alba air fad agus an RA san am ri teachd, agus as bith de na mion-chananan a tha a' cur an aghaidh air an t-saoghal nodha.

Author Biography

'S e neach-naidheachd agus ughdar, a tha air duaisean a chosnadh, a tha ann an Roger Hutchison. Am measg nan leabhraichean a bu traithe aige tha Empire Games: The British Invention of Twentieth-Century Sport, Polly: The True Story Behind Whisky Galore, The Soap Man: Lewis, Harris and Lord Leverhulme.
Release date NZ
August 4th, 2005
Country of Publication
United Kingdom
Edition
New title
Illustrations
1 x 8pp colour & b&w
Imprint
Mainstream Publishing
Pages
272
ISBN-13
9781840189995
Product ID
1662713

Customer reviews

Nobody has reviewed this product yet. You could be the first!

Write a Review

Marketplace listings

There are no Marketplace listings available for this product currently.
Already own it? Create a free listing and pay just 9% commission when it sells!

Sell Yours Here

Help & options

  • If you think we've made a mistake or omitted details, please send us your feedback. Send Feedback
  • If you have a question or problem with this product, visit our Help section. Get Help
Filed under...

Buy this and earn 209 Banana Points